Alba Èifeachdach a thaobh Teas agus Lùth: Sgeama stèidhichte air Sgìrean

Comhairle nan Eilean Siar

Airson barrachd fiosrachaidh

A’ Cuideachadh ann a bhith a’ blàthachadh dhachaighean air feadh nan Eilean Siar

Tha Comhairle nan Eilean Siar air cùmhnant a thoirt do Warmworks mar a’ bhuidheann a lìbhrigeas Sgeama Alba Èifeachdach a thaobh Teas agus Lùth: Sgeama stèidhichte air Sgìrean sna h-Eileanan Siar.

Tha an Sgeama ag amas air dachaighean a dhèanamh nas blàithe agus nas luth-èifeachdaiche tro leasachaidhean ann an èifeachdas lùtha. Dh’fhaodadh gun cuidich e teaghlaichean cuideachd le bhith pàigheadh chosgaisean connaidh.

Dè th’anns an Sgeama Alba Èifeachdach a thaobh Teas agus Lùth: Sgeama stèidhichte air Sgìrean sna h-Eileanan Siar?

Bidh Riaghaltas na h-Alba a’ toirt seachad maoineachadh do dh’ùghdarrasan ionadail gus prògraman èifeachdas lùtha (teas-dhìon airson ballaichean cruaidh sa mhòr-chuid) a leasachadh agus a lìbhrigeadh ann an sgìrean far a bheil bochdainn connaidh aig ìre àrd. A rèir mìneachadh Riaghaltas na h-Alba, ’s e bochdainn connaidh an suidheachadh far nach urrainn dha teaghlaichean an dachaighean a chumail blàth.

Fhuair Comhairle nan Eilean Siar cuibhreann den taic-airgid seo bho Riaghaltas na h-Alba airson sgeama stèidhichte air sgìrean a lìbhrigeadh gus teaghlaichean, luchd-gabhail san roinn phrìobhaideach agus uachdarain a chuideachadh gus èifeachdas lùtha nan dachaighean aca a leasachadh. Faodaidh teaghlaichean agus uachdarain prìobhaideach sùimeannan a chur ris an taic-airgid aig Riaghaltas na h-Alba.

Ciamar a bhios an sgeama ag obair?

Bidh Warmworks a’ stiùireadh a’ phròiseis gu lèir, a’ dèanamh cinnteach gum faigh luchd-ceannaich seirbheis èifeachdach, air a lìbhrigeadh aig ìre àrd. Tha an grafaig gu h-ìosal a’ sealltainn gach ceum den phròiseact.

Customer journey

Step 1:

Tha am fiosrachadh mur deidhinn-sa aig Warmworks.

Step 2:

Thèid suirbhidh a dhèanamh nur dachaigh aig àm a tha freagarrach dhuibh-se

Step 3:

Thig sinn gu co-dhùnadh a thaobh na h-obrach a dh’fheumar a dhèanamh san taigh, agus nì ar fo-chùmhnantair ùghdarraichte an obair sin

Step 4:

Nì sinn sgrùdadh neo-eisimeileach air an obair a chaidh a dhèanamh, agus thèid suirbhidh riarachas luchd-ceannaich a lìonadh a-steach

Step 5:

Far a dh’fheumar, nì sinn obair seirbheise bhliadhnail 12 mhìos an dèidh sin

Ciamar a gheibh mi a-mach a bheil mi freagarrach airson an Sgeama?

Ma tha ùidh agaibh ann a bhith a’ faighinn barrachd a-mach mun Sgeama, faodar fios a chur chun sgioba againn ann an Steòrnabhagh air 01851 605 269.

Faodar cuideachd tadhal air oifis ionadail Warmworks aig: 13-15 Sràid Fhrangain, Steòrnabhagh, HS1 2NB. Cha leig sibh leas coinneamh a chur air dòigh ro làimh.

Dè cho fad ’s a bheir an obair?

Tha seo a rèir dè seòrsa obrach a dh’fheumar san taigh. Dh’fhaodadh gun toireadh e ùine nas fhaide ma dh’fheumar tòrr obrach, ach nì sinn an còmhnaidh ar dìcheall an obair a dhèanamh cho gu h-èifeachdach is gu faiceallach ’s as urrainn.

Com-pàirtichean obrach ionadail barantaichte

Feumaidh a h-uile duine a bhios a’ lìbhrigeadh a’ phròiseict seo às leth Warmworks an obair seo a dhèanamh aig ìre fìor àrd. Bidh sinn a’ cleachdadh chompanaidhean clàraichte a tha stèidhichte sna h-Eileanan Siar.

Bithear a’ sgrùdadh seo fad na h-ùine tro shiostam stiùireadh coileanaidh, agus bidh ar sgioba a’ toirt seachad seirbheis taice gu làitheil dar fo-chùmhnantairean gus dèanamh cinnteach gum faigh ar luchd-ceannaich seirbheis aig ìre àrd.

Ciamar a gheibh mi barrachd fiosrachaidh?

Ma tha ùidh agaibh ann a bhith a’ faighinn barrachd a-mach mun Sgeama, faodar fios a chur chun sgioba againn ann an Steòrnabhagh air 01851 605 269.